Imichidh e an sin, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin, agus thèid iad a‑steach agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann eadhon mar sin a thachras don ghinealach aingidh seo.
Agus thàinig iad a‑chum Iosa, agus chunnaic iad an tì anns an robh an deamhan, agus aig an robh an lègion, na shuidhe, agus a aodach uime, agus a chiall aige; agus ghabh iad eagal.