Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Oir thubhairt e ris, Thig a‑mach as an duine, a spioraid neòghlain.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as.

Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.

Agus dh’fheòraich e dheth, Ciod as ainm dhut? Agus fhreagair esan, ag ràdh, Lègion as ainm dhomh, oir tha sinn mòran ann.

Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan