Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a’ bhean, agus eadar do shìol-sa agus a sìol-se; bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.

Agus thubhairt an rìgh ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna?

Their Ephraim, Ciod mo gnothach-sa tuilleadh ri iodhalan? Chuala mise e; agus thug mi fa‑near e; is cosmhail mi ri crann uaine giuthais; uamsa tha do thoradh ra fhaotainn.

Agus fhreagair Sìmon Peadar agus thubhairt e, Is tusa Crìosd, Mac an Dè bheò.

Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd-shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè.

Agus air teachd don bhuaireadair da ionnsaigh thubhairt e, Mas tu Mac Dhè, thoir àithne do na clachan seo a bhith nan aran.

Agus, feuch, ghlaodh iad, ag ràdh, Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo gar pianadh ron àm?

Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios-ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.

Ach dh’fhan esan na thosd, agus cha do fhreagair e nì sam bith. A‑rìs dh’fheòraich an t‑àrd-shagart dheth, agus thubhairt e ris, An tu Crìosd, mac an tì bheannaichte?

Agus na spioradan neòghlan, nuair a chunnaic iad e, shleuchd iad dha, agus ghlaodh iad, ag ràdh, Is tusa Mac Dhè.

Ach nuair a chunnaic e Iosa fada uaithe, ruith e agus shleuchd e dha,

(Oir thubhairt e ris, Thig a‑mach as an duine, a spioraid neòghlain.)

Bidh e mòr, agus goirear Mac an Tì as ro‑àirde dheth; agus bheir an Tighearna Dia dha rìgh-chathair a athar fhèin Daibhidh.

Ag ràdh, Leig leinn; ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Tha fhios agam cò thu, Aon naomh Dhè.

Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.

Nuair a chunnaic e Iosa, ghlaodh e a‑mach, agus thuit e sìos na làthair, agus thubhairt e le guth àrd, Ciod e mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Guidheam ort, na pian mi.

Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm-san.

Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte.

Agus ghabh dream àraidh de na h‑Iùdhaich, a bha ag imeachd o àite gu àite, a’ cur spioraid fo gheasan, os làimh ainm an Tighearna Iosa ainmeachadh os cionn na muinntir sin anns an robh droch spioradan, ag ràdh, Cuireamaid fo gheasan sibh tre Iosa a tha Pòl a’ searmonachadh.

Agus nuair a dh’imich iad air an t‑slighe, thàinig iad gu uisge àraidh: agus thubhairt an caillteanach, Feuch, uisge; ciod a tha a’ bacadh mise a bhith air mo bhaisteadh?

Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen.

Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal;

Oir b’e am Melchisedec seo rìgh Shàleim, sagart an Dè as ro‑àirde, neach a choinnich Abrahàm a’ tilleadh o àr nan rìghrean, agus a bheannaich e;

Tha thu a’ creidsinn gu bheil aon Dia ann; is math a nì thu: tha na deamhain a’ creidsinn mar an ceudna, agus tha iad a’ criothnachadh.

Oir mura do chaomhain Dia na h‑aingil a pheacaich, ach air dha an tilgeadh sìos do ifrinn, gun tug e thairis iad gu bhith air an coimhead ann an slabhraidhean dorchadais, fa chomhair breitheanais;

An tì a nì peacadh, is ann on diabhal a tha e; oir tha an diabhal a’ peacachadh o thùs. Is ann a‑chum na crìche seo a dh’fhoillsicheadh Mac Dhè, a‑chum gun sgriosadh e obraichean an diabhail.

Agus na h‑aingil nach do ghlèidh an ciad inbhe, ach a dh’fhàg an àite-còmhnaidh fhèin, choimhead e ann an gèimhlean sìorraidh fo dhorchadas, fa chomhair breitheanas an là mhòir.

Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd-àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan