Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a chunnaic e Iosa fada uaithe, ruith e agus shleuchd e dha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Abraibh ri Dia, Cia uamhasach d’obraichean! Trìd meud do neirt strìochdaidh do naimhdean dhut.

Na fhianais sleuchdaidh sìos luchd-còmhnaidh an fhàsaich, agus imlichidh a naimhdean an ùir.

Agus bha e a‑ghnàth, a là agus a dh’oidhche, anns na beanntan, agus anns na h‑ionadan-adhlaic, a’ glaodhaich agus ga ghearradh fhèin le clachan.

Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.

Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.

Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte.

Tha thu a’ creidsinn gu bheil aon Dia ann; is math a nì thu: tha na deamhain a’ creidsinn mar an ceudna, agus tha iad a’ criothnachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan