Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug e òrdagh teann dhaibh nach faigheadh duine air bith fios air a seo; agus dh’àithn e càil-eigin a thoirt dhi ri ithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus an àm dhaibh teachd a‑nuas on bheinn, thug Iosa àithne dhaibh, ag ràdh, Na innsibh do neach air bith an nì a chunnaic sibh gus an èirich Mac an Duine o na mairbh.

Agus thubhairt Iosa ris, Feuch nach innis thu do dhuine sam bith, ach imich, taisbein thu fhèin don t‑sagart, agus thoir da ionnsaigh an tìodhlac a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.

Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus bhagair Iosa gu geur iad, ag ràdh, Faicibh nach faigh neach air bith fios air seo.

Agus thug e geur-òrdagh dha, agus air ball chuir e air falbh e;

Agus thug e sparradh teann dhaibh nach dèanadh iad aithnichte e.

Agus air ball dh’èirich an nìonag agus dh’imich i; oir bha i dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois: agus ghabh iad iongantas anabarrach.

Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais;

Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh.

Agus nuair a shuidh e gu biadh maille riu, air dha aran a ghlacadh, bheannaich e e, agus bhris e e, agus thug e dhaibh e.

Agus dh’àithn e dha gun innse do neach air bith: Ach imich, agus nochd thu fhèin don t‑sagart, agus thoir seachad airson do ghlanaidh, mar a dh’àithn Maois mar fhianais dhaibh.

Agus ghlac uamhas mòr a pàrantan: ach thug esan àithne dhaibh gun an nì a rinneadh innse do neach air bith.

Chan eil mise a’ gabhail urraim o dhaoine.

Chan ann don t‑sluagh uile, ach do fhianaisean, a thaghadh le Dia ro‑làimh, eadhon dhuinne, a dh’ith agus a dh’òl maille ris an dèidh dha èirigh o na mairbh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan