Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn iadsan gàire fanaid ris: ach air dhàsan an cur uile a‑mach, thug e leis athair agus màthair na nighinn, agus iadsan a bha maille ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an nìonag na laighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Lot a‑mach, agus labhair e ra chleamhnan, a phòs a nigheanan, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach as an àite seo, oir tha an Tighearna gus am baile seo a sgrios. Ach bha e mar neach a bha ri fanaid ann an sùilean a chleamhnan.

Uime sin chaidh e a‑steach, agus dhùin e an doras orra nan dithis, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna.

Ach nuair a chuala Sanbalat an t‑Horonach, agus Tobiah an seirbhiseach an t‑Amonach, agus Gesem an t‑Arabach e, rinn iad gàire fanaid oirnn, agus rinn iad tàir oirnn, agus thubhairt iad, Ciod an nì seo a tha sibh a’ dèanamh? An dèan sibh ceannairc an aghaidh an rìgh?

Mar neach a tha na bhall-magaidh aig a charaid tha mise, a ghairmeas air Dia, agus freagraidh e e: na bhall-fochaid tha an duine ceart ionraic.

Nì iadsan uile a chì mi gàire-fanaid rium; casaidh iad am beul, crathaidh iad an ceann, ag ràdh,

Chan e an nì a thèid a‑steach anns a’ bheul a shalaicheas an duine; ach an nì a thig a‑mach as a’ bheul, is e seo a shalaicheas an duine.

Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile.

Agus nuair a thàinig e a‑steach, thubhairt e riu, Carson a tha sibh ris an iomairt seo, agus ri bròn? Chan eil an nìonag marbh, ach na cadal.

Agus rug e air an nìonaig air làimh, agus thubhairt e rithe, Talitha-cumi; is e sin, air eadar-mhìneachadh, A chailinn (tha mise ag ràdh riut), èirich.

Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile: agus rinn iad fanaid air.

Agus nuair a chuala iad mu aiseirigh nam marbh, rinn cuid dhiubh fanaid; ach thubhairt cuid eile, Eisdidh sinn riut a‑rìs mun nì seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan