Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion-bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Le geimhlean dhochainn iad a chasan; chuireadh ann an iarann e gu teann,

Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean-adhlaic; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean:

Agus bha e a‑ghnàth, a là agus a dh’oidhche, anns na beanntan, agus anns na h‑ionadan-adhlaic, a’ glaodhaich agus ga ghearradh fhèin le clachan.

(Oir bha e air toirt àithne don spiorad neòghlan dol a‑mach as an duine. Oir bu tric a rug e gu naimhdeil air: agus cheangladh e le slabhraidhean, agus choimheadadh an gèimhlean e; agus air briseadh a chuibhreach dha, dh’iomaineadh e leis an deamhan don fhàsach.)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan