Agus nuair a thàinig e a‑steach, thubhairt e riu, Carson a tha sibh ris an iomairt seo, agus ri bròn? Chan eil an nìonag marbh, ach na cadal.
Agus dùisgidh mòran dhiubhsan a tha nan cadal ann an duslach na talmhainn, cuid gu beatha shìorraidh, agus cuid gu nàire agus masladh bith-bhuan.
Thubhairt e riu, Imichibh romhaibh, oir chan eil an nìonag marbh ach na cadal. Agus rinn iad gàire fochaid ris.
Agus thàinig e gu taigh uachdaran an t‑sionagoig, agus chunnaic e an iomairt agus iadsan a bha a’ gul, agus a’ caoineadh gu mòr.
Agus rinn iadsan gàire fanaid ris: ach air dhàsan an cur uile a‑mach, thug e leis athair agus màthair na nighinn, agus iadsan a bha maille ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an nìonag na laighe.
Agus chaidh Pòl sìos, agus thuit e air, agus air dha a ghlacadh na uchd, thubhairt e, Na biodh trioblaid oirbh; oir tha a anam ann.
Air a shon seo tha mòran nur measg lag agus tinn, agus tha mòran nan cadal.
A fhuair bàs air ar son, a‑chum cia aca is faireachadh no cadal dhuinn, gum bitheamaid beò maille ris-san.