Agus an ceann sia làithean, thug Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin leis, agus threòraich e iad leo fhèin air leth gu beinn àird: agus dh’atharraicheadh a chruth nam fianais.
Agus nuair a chaidh e don taigh, cha do leig e le neach air bith dol a‑steach, ach Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus athair agus màthair na nighinn.
Ach air do Pheadar an cur a‑mach uile, leig e e fhèin air a ghlùinean agus rinn e ùrnaigh; agus air dha tionndadh ris a’ chorp, thubhairt e, A Thabita, èirich. Agus dh’fhosgail ise a sùilean: agus air dhi Peadar fhaicinn, dh’èirich i na suidhe.