Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach air don mhnaoi a bhith fo eagal agus air chrith, air aithneachadh an nì a rinneadh innte, thàinig i, agus leig i i fhèin sìos na làthair, agus dh’innis i an fhìrinn uile dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

A Thighearna mo Dhia, ghlaodh mi riut agus shlànaich thusa mi.

Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama.

Agus ghabh iad eagal ro‑mhòr, agus thubhairt iad ri chèile, Ciod e an duine seo, gu bheil a’ ghaoth agus an fhairge fhèin umhail dha?

Agus dh’amhairc e mun cuairt ga faicinn-se a rinn seo.

Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.

Agus nuair a chunnaic Sacharias e, bha e fo thrioblaid, agus thuit eagal air.

Agus nuair a chunnaic i e, bha i fo thrioblaid inntinn airson a chainnte, agus a’ reusonachadh ciod a’ ghnè fhàilte a dh’fhaodadh a bhith an seo.

Agus nuair a chunnaic a’ bhean nach robh i an an‑fhios, thàinig i air chrith, agus a’ sleuchdadh dha, chuir i an cèill dha, an làthair an t‑sluaigh uile, carson a bhean i ris, agus mar a shlànaicheadh i gu grad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan