Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt a dheisciobail ris, Tha thu a’ faicinn gu bheil an sluagh gad dhòmhlachadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich Iosa maille ris; agus lean sluagh mòr e, agus dhòmhlaich iad e.

Agus dh’aithnich Iosa air ball ann fhèin gun deachaidh cumhachd a‑mach as, agus air dha tionndadh anns an t‑sluagh, thubhairt e, Cò a bhean rim aodach?

Agus dh’amhairc e mun cuairt ga faicinn-se a rinn seo.

Agus thubhairt Iosa, Cò a bhean rium? Air àicheadh do na h‑uile, thubhairt Peadar ris, agus iadsan a bha maille ris, A Mhaighistir, tha an sluagh gad dhùmhlachadh agus gad theannadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?

Agus nuair a thòisich an là air teireachdainn, thàinig an dà‑fhear-dheug, agus thubhairt iad ris, Cuir air falbh an sluagh, a‑chum gun tèid iad do na bailtean agus don tìr mun cuairt, agus gun gabh iad tàmh agus gum faigh iad biadh; oir tha sinn an seo ann an àite fàsail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan