Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air ball thiormaicheadh tobar a fala; agus dh’aithnich i air a corp fhèin gun do lèighseadh i on phlàigh sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ma bhios gorta anns an tìr, ma bhios plàigh ann, seargadh, fuar-dhealt, lòcaist, ma bhios burrais ann; ma theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, ciod air bith easlaint a bhios ann;

Is e a mhaitheas dhut do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas d’easlaintean uile;

Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios.

Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan.

A Thighearna mo Dhia, ghlaodh mi riut agus shlànaich thusa mi.

Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Eiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.

Agus ma thèid an sagart a‑steach, agus gun amhairc e air, agus, feuch, nach do sgaoil a’ phlàigh anns an taigh, an dèidh an taigh a chòmhdachadh thairis; an sin gairmidh an sagart an taigh glan, a chionn gun do lèighseadh a’ phlàigh.

Agus ma laigheas duine le mnaoi agus a tinneas oirre, agus gun leig e ris a nochd, leig e ris a tobar, agus leig ise ris tobar a fala; agus gearrar as le chèile iad o mheasg an sluaigh.

(Agus, feuch, thàinig bean, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna-dheug, air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich:

Oir leighis e mòran; ionnas gun do dhlùth-theann iad ris, a mheud is air an robh plàighean, a‑chum gum beanadh iad ris.

Oir thubhairt i, Ma dh’fhaodas mi beantainn ach ra aodach, slànaichear mi.

Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.

Agus anns an uair sin fhèin leighis e mòran on easlaintean agus om plàighean, agus o dhroch spioradan; agus thug e am fradharc do mhòran a bha dall.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan