Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a chuala i iomradh air Iosa, thàinig i am measg an t‑sluaigh o chùlaibh, agus bhean i ra aodach:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha iad ag adhlacadh duine, feuch, chunnaic iad buidheann dhaoine, agus thilg iad sìos an duine do àit-adhlaicaidh Elisa: agus nuair a leigeadh an duine sìos, agus a bhean e ri cnàmhan Elisa, dh’ath-bheothaicheadh e, agus dh’èirich e air a chasan.

Agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn ri iomall a aodaich a‑mhàin; agus a mheud dhiubh is a bhean, shlànaicheadh gu h‑iomlan iad.

Agus dh’fhulaing i mòran o iomadh lèigh, agus chaith i na bha aice, agus cha b’fheàirrd i a’ bheag e, ach gum bu mhisde;

Oir thubhairt i, Ma dh’fhaodas mi beantainn ach ra aodach, slànaichear mi.

Agus ge bè air bith bailtean, no cathraichean, no dùthaich don deachaidh e a‑steach, chuir iad na daoine tinn air na sràidean, agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn a‑mhàin ri iomall a aodaich: agus a mheud is a bhean ris, lèighseadh iad.

Air chor is gun tugadh o a chorp-san a‑chum nan daoine tinne, nèapaiginean no aprain, agus gun d’fhalbh an easlaintean uapa, agus gun deachaidh na droch spioradan a‑mach asda.

Air chor is gun tug iad a‑mach a’ mhuinntir easlan air na sràidean, agus gun do chuir iad air leapaichean agus air uirighean iad, a‑chum aig teachd do Pheadar gun cuireadh a fhaileas, mar a bu lugha, sgàil air neach-eigin aca.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan