Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich Iosa maille ris; agus lean sluagh mòr e, agus dhòmhlaich iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe.

Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.

Agus bha bean àraidh an sin, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna-dheug.

Agus thubhairt a dheisciobail ris, Tha thu a’ faicinn gu bheil an sluagh gad dhòmhlachadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?

Agus nuair a chruinnich an sluagh gu tiugh da ionnsaigh, thòisich e air a ràdh, Is droch ghinealach seo: tha iad ag iarraidh comharraidh; agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh Iònais am fàidh.

Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.

Agus bha dèidh aige air Iosa fhaicinn, cò e; agus cha b’urrainn e airson an t‑sluaigh, a chionn gu robh e ìosal na phearsa.

Agus chaidh Iosa maille riu. Ach air dha a bhith a‑nis am fagas don taigh, chuir an ceannard-ceud càirdean da ionnsaigh, ag ràdh ris, A Thighearna, na cuir dragh ort fhèin; oir chan airidh mise gun rachadh tu a‑steach fom chlèith:

Do bhrìgh gu robh aon-ghin nighinn aige, mu thimcheall dà‑bhliadhna-dheug, agus i a’ faotainn a’ bhàis. (Ach air dha a bhith ag imeachd, bha an sluagh ga theannadh.

Agus thubhairt Iosa, Cò a bhean rium? Air àicheadh do na h‑uile, thubhairt Peadar ris, agus iadsan a bha maille ris, A Mhaighistir, tha an sluagh gad dhùmhlachadh agus gad theannadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?

Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan