Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Ach bha fearg air Nàaman, agus dh’fhalbh e roimhe, agus thubhairt e, Feuch, shaoil mi gu cinnteach gun tigeadh e a‑mach am ionnsaigh, agus gun seasadh e, agus gun gairmeadh e air ainm an Tighearna a Dhia, agus gun cuireadh e a làmh air an àite, agus gun lèighseadh e an lobhar.

An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad.

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Agus shìn Iosa a‑mach a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is àill leam; bi thusa glan. Agus air ball bha a luibhre air a glanadh.

Togaidh iad nathraichean nimhe; agus ma dh’òlas iad nì air bith marbhtach, cha chiùrr e iad; cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, agus bidh iad gu math.

Agus dh’imich Iosa maille ris; agus lean sluagh mòr e, agus dhòmhlaich iad e.

Agus thilg iad a‑mach mòran dheamhan, agus dh’ung iad le ola mòran a bha tinn, agus leighis iad iad.

Agus thug iad da ionnsaigh duine bodhar, aig an robh stadaich na chainnt: agus ghuidh iad air gun cuireadh e làmh air.

Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith.

Agus chuir e a làmhan oirre; agus air ball rinneadh dìreach i, agus thug i glòir do Dhia.

Agus dh’èirich e as an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin: agus bha fiabhras mòr air màthair-chèile Shìmoin; agus ghuidh iad air as a leth.

Agus aig dol fodha na grèine, iadsan uile aig an robh daoine easlan le iomadh gnè thinnis, thug iad da ionnsaigh iad: agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad.

A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.

Uime sin chuir a pheathraichean fios da ionnsaigh, ag ràdh, A Thighearna, feuch, tha an tì as ionmhainn leat tinn.

Agus thàrladh gu robh athair Phubliuis na laighe gu tinn le fiabhras, agus geàrrthach fala: air do Phòl dol a‑steach da ionnsaigh, rinn e ùrnaigh, agus air dha a làmhan a chur air, leighis e e.

Chuir iad iadsan an làthair nan abstol: agus air dèanamh ùrnaigh dhaibh, chuir iad an làmhan orra.

An sin chuir iad an làmhan orra, agus fhuair iad an Spiorad Naomh.

Agus chunnaic e ann am foillseachadh duine don ainm Ananias, a’ teachd a‑steach, agus a’ cur a làimhe air, a‑chum gum faigheadh e a fhradharc.

Agus dh’imich Ananias, agus chaidh e a‑steach don taigh; agus chuir e a làmhan air, agus thubhairt e, A Shauil, a bhràthair, chuir an Tighearna (eadhon Iosa a dh’fhoillsicheadh dhutsa anns an t‑slighe air an tàinig thu), mise a‑chum gum faigheadh tu do fhradharc, agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan