Agus nuair a chaidh Iosa a‑rìs thairis anns an luing gus an taobh eile, chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh; agus bha e làimh ris a’ mhuir.
Agus air dol ann an luing dha, chaidh e thar an uisge, agus thàinig e da bhaile fhèin.
Agus thòisich e air teagasg a‑rìs làimh ris a’ mhuir; agus chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh, ionnas gun deachaidh e a‑steach do luing, agus gun do shuidh e air a’ mhuir; agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tìr.
Agus nuair a sgaoil iad an coitheanal, thug iad leo esan anns an luing mar a bha e; agus bha longan beaga eile maille ris mar an ceudna.
Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean-adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,
Agus thàrladh, nuair a thill Iosa air ais, gun do ghabh an sluagh gu toileach ris: oir bha iad uile ga fheitheamh.