Agus dh’imich esan, agus thòisich e ri chur an cèill ann an Decapolis meud nan nithean a rinn Iosa dha: agus ghabh iad iongantas uile.
Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama.
Agus lean cuideachd mhòr e o Ghalile, agus o Dhecapolis, agus o Ierusalem, agus o Iudèa, agus o na crìochan a tha an taobh thall de Iòrdan.
Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.
Agus a‑rìs, nuair a dh’imich e o chrìochan Thìruis agus Shìdoin, thàinig e gu muir Ghalile, tro mheadhon crìochan Dhecapolis.