A tha a’ fantainn am measg nan àiteachan-adhlaic, agus a’ gabhail còmhnaidh anns na h‑uaimhean; a tha ag ithe feòil mhuc, agus aig a bheil sùgh nithean gràineil nan soithichean.
Agus thòisich e air teagasg a‑rìs làimh ris a’ mhuir; agus chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh, ionnas gun deachaidh e a‑steach do luing, agus gun do shuidh e air a’ mhuir; agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tìr.
Agus nuair a chaidh e a‑mach air tìr, choinnich duine àraidh as a’ bhaile e, anns an robh deamhain rè aimsir fhada, agus aig nach biodh aodach uime, agus nach fanadh ann an taigh, ach anns na h‑àitean-adhlaic.
Agus am feadh a bha e fhathast a’ teachd, thilg an deamhan sìos e, agus reub e e: agus chronaich Iosa an spiorad neòghlan, agus shlànaich e an leanabh, agus thug e da athair e.