Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dha dol a‑steach anns an luing, ghuidh an tì anns an robh an deamhan air gum faodadh e a bhith maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ciod a dh’ìocas mi don Tighearna airson a uile thìodhlacan dhomh?

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Agus thàinig iad a‑chum Iosa, agus chunnaic iad an tì anns an robh an deamhan, agus aig an robh an lègion, na shuidhe, agus a aodach uime, agus a chiall aige; agus ghabh iad eagal.

Agus dh’innis iadsan a chunnaic e dhaibh, cionnas a thachair don tì anns an robh an deamhan, agus mu thimcheall nam muc.

Agus thòisich iad ri guidhe air imeachd a‑mach as an crìochan.

Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan