Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig iad a‑chum Iosa, agus chunnaic iad an tì anns an robh an deamhan, agus aig an robh an lègion, na shuidhe, agus a aodach uime, agus a chiall aige; agus ghabh iad eagal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus bha eagal air Daibhidh ro Dhia air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a bheir mise àirc Dhè dhachaigh am ionnsaigh?

Oir a chionn nach robh sibh a làthair roimhe, rinn an Tighearna ar Dia briseadh oirnn, do bhrìgh nach d’iarr sinn e air mhodh dligheach.

Nach cuir a òirdhearcas-san eagal oirbh? Agus nach tuit a uamhann-san oirbh?

An sin ghabh iad eagal mòr, a chionn gu bheil Dia ann an ginealach nam fìrean.

No cionnas as urrainn neach dol do thaigh duine làidir, agus àirneis a thaighe a chreachadh, mura ceangail e air tùs an duine làidir? Agus an sin creachaidh e a thaigh.

An saoil thusa nach faod mise a‑nis m’Athair a ghuidhe, agus bheir e dhomh tuilleadh na dà‑lègion-dheug de ainglean?

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Agus an dèidh don deamhan a bhith air a thilgeadh a‑mach, labhair am balbhan: agus ghabh an sluagh iongantas, ag ràdh, Chan fhacas a leithid seo ann an Israel riamh.

Agus theich iadsan a bha ag ionaltradh nam muc, agus dh’innis iad sin, araon anns a’ bhaile, agus anns an tìr. Agus chaidh iad a‑mach a dh’fhaicinn ciod e an nì ud a thachair.

Agus dh’innis iadsan a chunnaic e dhaibh, cionnas a thachair don tì anns an robh an deamhan, agus mu thimcheall nam muc.

Agus air dha dol a‑steach anns an luing, ghuidh an tì anns an robh an deamhan air gum faodadh e a bhith maille ris.

Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion-bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.

Agus dh’fheòraich e dheth, Ciod as ainm dhut? Agus fhreagair esan, ag ràdh, Lègion as ainm dhomh, oir tha sinn mòran ann.

Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail.

Agus nuair a chaidh e a‑mach air tìr, choinnich duine àraidh as a’ bhaile e, anns an robh deamhain rè aimsir fhada, agus aig nach biodh aodach uime, agus nach fanadh ann an taigh, ach anns na h‑àitean-adhlaic.

A shaor sinn o chumhachd an dorchadais, agus a dh’atharraich sinn a‑chum rìoghachd Mac a ghràidh-san:

Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.

Agus rinn Samuel an nì sin a labhair an Tighearna, agus thàinig e gu Betlehem: agus chriothnaich seanairean a’ bhaile ra theachd, agus thubhairt iad, An ann an sìth a tha thu a’ teachd?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan