Agus theich iadsan a bha ag ionaltradh nam muc, agus dh’innis iad sin, araon anns a’ bhaile, agus anns an tìr. Agus chaidh iad a‑mach a dh’fhaicinn ciod e an nì ud a thachair.
Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile.
Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.
Agus thàinig iad a‑chum Iosa, agus chunnaic iad an tì anns an robh an deamhan, agus aig an robh an lègion, na shuidhe, agus a aodach uime, agus a chiall aige; agus ghabh iad eagal.