Marcus 5:13Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge. Faic an caibideil |
Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.