Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 5:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghuidh na deamhain uile air, ag ràdh, Cuir sinne a dh’ionnsaigh nam muc, a‑chum gun rachamaid a‑steach annta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ra chnàimh agus ra fheòil, agus as an aodann mallaichidh e thu.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Na toiribh an nì naomh do na madaidhean, agus na tilgibh ur neamhnaidean am fianais nam muc, air eagal gun saltair iad orra len casan, agus air tilleadh dhaibh gu reub iad sibh fhèin as a chèile.

Agus bha treud mòr mhuc an sin, ag ionaltradh am fagas don bheinn.

Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.

Air eagal gum faigheadh Sàtan an cothrom oirnn: oir chan eil sinn aineolach air a innleachdan.

Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan