Na biodh umhail agaibh ged tha mi dorcha, a chionn gun d’amhairc a’ ghrian orm: bha mic mo mhàthar am feirg rium; rinn iad coimheadaiche nam fìonlios dhìom: am fìonlios a bu leam fhèin cha do choimhead mi.
Oir bha thu ad neart don bhochd, ad neart don fheumach na airc; ad dhìdean on doininn, ad sgàil on teas; nuair a bha gaoth nan uamhasach mar dhoininn a’ sèideadh ris a’ bhalla.
Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.
Agus thuit cuid eile dheth air fearann creagach, far nach robh mòr-thalamh aige: agus air ball dh’fhàs e suas, do bhrìgh nach robh doimhne talmhainn aige:
Air dhuibh a bhith air ur freumhachadh agus air ur togail suas annsan, agus air ur daingneachadh anns a’ chreideamh, a rèir mar a theagaisgeadh sibh, a’ meudachadh ann le breith-buidheachais.
Oir air èirigh don ghrèin le dian-theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.
Is smalan iad sin nur cuirmean gràidh, nuair a tha iad air cuirmean maille ribh, gam beathachadh fhèin gun eagal: is neòil iad gun uisge, air an giùlan mun cuairt le gaothan; craobhan searg-mheasach, gun toradh; dà uair marbh, air an spìonadh as am freumhan;