Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
Agus nuair a thuig Iosa sin, thubhairt e riu, O sibhse air bheag creidimh, carson a tha sibh a’ reusonachadh eadaraibh fhèin gur ann a chionn nach tug sibh aran leibh?
Air an adhbhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feur na machrach a tha an‑diugh ann, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh?
Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo eagal, sibhse air bheag creidimh? An sin dh’èirich e, agus chronaich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann.
Agus thubhairt e riu, Càit a bheil ur creideamh? Agus air dhaibh a bhith fo eagal, ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Ciod a’ ghnè dhuine seo? Oir tha e a’ toirt àithne do na gaothan, agus don uisge fhèin, agus tha iad umhail dha.