Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh, nuair a chuir e an sìol, gun do thuit cuid dheth ri taobh an rathaid, agus thàinig eunlaith an adhair, agus dh’ith iad suas e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig an eunlaith a‑nuas air na cairbhean, dh’fhuadaich Abram air falbh iad.

Nuair a chluinneas neach air bith facal na rìoghachd, agus nach toir e fa‑near e, thig an droch spiorad, agus bheir e air falbh an nì a chuireadh na chridhe: is e seo esan anns an do chuireadh an sìol ri taobh an rathaid.

Agus a’ cur an t‑sìl dha, thuit cuid dheth ri taobh an rathaid; agus thàinig an eunlaith agus dh’ith iad e.

Agus is iad seo iadsan ri taobh an rathaid, anns an cuirear am facal; an dèidh dhaibh a chluinntinn, air ball tha Sàtan a’ teachd, agus a’ togail leis an fhacail, a shìol-chuireadh nan cridheachan.

Eisdibh: Feuch chaidh fear-cuir a‑mach a chur sìl:

Agus thuit cuid eile dheth air fearann creagach, far nach robh mòr-thalamh aige: agus air ball dh’fhàs e suas, do bhrìgh nach robh doimhne talmhainn aige:

Iadsan ri taobh an rathaid, is iad sin a dh’èisdeas: na dhèidh sin tha an diabhal a’ teachd, agus a’ togail air falbh an fhacail as an cridheachan, air eagal gun creideadh iad agus gum biodh iad air an saoradh.

Chaidh fear-cuir a‑mach a chur a shìl: agus a’ cur dha, thuit cuid ri taobh an rathaid; agus shaltradh sìos e, agus dh’ith eunlaith an adhair suas e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan