Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich e, agus chronaich e a’ ghaoth, agus thubhairt e ris an fhairge, Tosd, bi sàmhach. An sin laigh a’ ghaoth, agus bha fiath mòr ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus a thubhairt mi, Gu ruig seo thig thu, ach cha tig nas fhaide, agus an seo caisgear do thonnan uaibhreach?

Cuiridh e an doineann gu fèith, agus bidh a tonnan nan tàmh.

Teine agus clach-shneachda; sneachd agus ceò; gaoth dhoineannach a’ coileanadh a fhacail;

Suidhidh an Tighearna air an tuil, agus suidhidh an Tighearna na Rìgh gu sìorraidh.

A chaisgeas fuaim fhairgeachan, fuaim an tonn, agus buaireas nan cinneach.

Riaghlaidh tusa onfhadh na fairge; nuair a dh’èireas a tonnan, caisgidh tu iad.

Ach tog-sa suas do shlat, agus sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus thèid clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram.

Agus chaidh clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì.

Nuair a thug e a reachd don fhairge, nach rachadh na h‑uisgeachan thar a aithne; nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn;

Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?

Oir cha tilg an Tighearna uaithe gu bràth:

Bheir e achmhasan don fhairge, agus nì e tioram i; agus tiormaichidh e suas na h‑aibhnichean uile: shearg Basan agus Carmel; agus tha blàth Lebanoin air crìonadh.

Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo eagal, sibhse air bheag creidimh? An sin dh’èirich e, agus chronaich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann.

Agus bha esan ann an deireadh na luinge, na chadal air cluasaig: agus dhùisg iad e, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, nach eil suim agad gun caillear sinn?

Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò.

Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as. Agus air don deamhan esan a thilgeadh sìos nam meadhon, thàinig e a‑mach as, gun chiùrradh sam bith a dhèanamh air.

Agus air dha seasamh os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh’fhàg e i. Agus dh’èirich ise air ball, agus rinn i frithealadh dhaibh.

Agus thàinig iad da ionnsaigh, agus dhùisg iad e, ag ràdh, A Mhaighistir, a Mhaighistir, tha sinn caillte! An sin dh’èirich esan, agus chronaich e a’ ghaoth, agus onfhadh an uisge: agus sguir iad, agus thàinig fiath ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan