Agus bha esan ann an deireadh na luinge, na chadal air cluasaig: agus dhùisg iad e, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, nach eil suim agad gun caillear sinn?
Seall a‑nuas o nèamh, agus faic od ionad-còmhnaidh naomh agus glòrmhor; càit a bheil d’eud, agus do neart, lìonmhorachd do thròcairean agus do thruas dhìom? A bheil iad air an cumail air an ais?
Agus chuir iad da ionnsaigh an deisciobail fhèin maille ri luchd-leanmhainn Heroid, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìor, agus gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil suim agad de dhuine sam bith: oir chan eil thu ag amharc air pearsa dhaoine.
Agus thàinig iad da ionnsaigh, agus dhùisg iad e, ag ràdh, A Mhaighistir, a Mhaighistir, tha sinn caillte! An sin dh’èirich esan, agus chronaich e a’ ghaoth, agus onfhadh an uisge: agus sguir iad, agus thàinig fiath ann.
A‑nis bha tobar Iàcoib an sin. Uime sin air do Iosa a bhith sgìth le a thuras, shuidh e mar sin làimh ris an tobar; agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire.
Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.