Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha gach nì a tha aige ad làimh-sa: a‑mhàin air fhèin na cuir do làmh. Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna.
Agus, feuch, thàinig gaoth mhòr on fhàsach, agus bhuail i air ceithir oisinnean an taighe, agus thuit e air na h‑òganaich, agus tha iad marbh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.
Ach chuir an Tighearna a‑mach gaoth mhòr air an fhairge, agus bha onfhadh ro‑mhòr air an fhairge, ionnas gun do shaoil iad gum biodh an long air a briseadh.
Agus bha esan ann an deireadh na luinge, na chadal air cluasaig: agus dhùisg iad e, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, nach eil suim agad gun caillear sinn?
Agus air tuiteam dhaibh ann an ionad àraidh far an do choinnich dà fhairge a chèile, bhuail iad an long air grunnd; agus air sàthadh da toiseach anns a’ ghrunnd, dh’fhan e gun charachadh, ach bhriseadh a deireadh le ainneart nan tonn.