Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a sgaoil iad an coitheanal, thug iad leo esan anns an luing mar a bha e; agus bha longan beaga eile maille ris mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus air dol dhàsan a‑steach do luing, lean a dheisciobail e.

Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e:

Agus thòisich e air teagasg a‑rìs làimh ris a’ mhuir; agus chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh, ionnas gun deachaidh e a‑steach do luing, agus gun do shuidh e air a’ mhuir; agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tìr.

Agus dh’èirich doineann mhòr ghaoithe, agus leum na tonnan a‑steach don luing, air chor is gu robh i a‑nis làn.

Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean-adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,

Agus nuair a chaidh Iosa a‑rìs thairis anns an luing gus an taobh eile, chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh; agus bha e làimh ris a’ mhuir.

Agus chaidh iad gu àite fàsail ann an luing air leth.

Agus thàrladh air là àraidh gun deachaidh e fhèin agus a dheisciobail a‑steach do luing: agus thubhairt e riu, Rachamaid thairis gu taobh thall an loch. Agus chuir iad a‑mach o thìr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan