Ach an dèidh a chur, fàsaidh e suas, agus cinnidh e nas mò na luibh sam bith eile, agus fàsaidh geugan mòra air; ionnas gum faod eunlaith an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil.
Mar chrann-ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn-sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas.
Cha dochainn agus cha sgrios iad, air feadh mo shlèibh naoimh-sa gu h‑iomlan; oir lìonar an talamh le eòlas an Tighearna, mar a chòmhdaicheas na h‑uisgeachan aigeann na fairge.
Agus bidh duine mar ionad-fasgaidh on ghaoith, agus mar dhìdein on doininn; mar shruthan uisge ann an àite tioram, mar sgàil creige mòire ann an tìr airtnealaich.
Air sliabh àrd Israeil suidhichidh mi i: agus togaidh i suas a geug, agus bheir i a‑mach toradh, agus fàsaidh i na seudar rìoghail: agus foidhpe gabhaidh an uile eunlaith de gach aon iteig còmhnaidh: fo dhubhar a geug nì iad còmhnaidh.
Nì gun amharas as lugha de gach uile phòr: gidheadh air fàs dha, is e as mò de na luibheannan, agus fàsaidh e na chrann, ionnas gun tig eunlaith an adhair, agus gun dèan iad neadan na gheugan.