Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is cosmhail i ri gràinne mustaird, nì, nuair a chuirear anns an talamh e, as lugha de na h‑uile phòran a tha air thalamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach.

Oir fàsaidh e suas mar fhaillean na làthair, agus mar fhreumh à talamh tioram; chan eil sgèimh no grinneas aige, gun amhairceamaid air; cha mhò a tha maise aige, gun iarramaid e.

Fàsaidh an aon bheag na mìle, agus an aon shuarach na cinneach làidir; luathaichidh mise Iehòbhah e na thràth.

Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.

Anns an là sin dìonaidh an Tighearna luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus bidh esan a tha lag nam measg anns an là sin mar Dhaibhidh; agus taigh Dhaibhidh mar Dhia, mar aingeal an Tighearna nan làthair.

Agus bidh mòran chinneach air an cur ris an Tighearna anns an là sin, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa: agus gabhaidh mise còmhnaidh ann ad mheadhon; agus bidh fhios agad gun do chuir Tighearna nan sluagh mise ad ionnsaigh.

Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.

Agus thubhairt e, Ciod an nì ri an samhlaich sinn rìoghachd Dhè? No ciod e an cosamhlachd leis an coimeas sinn i?

Ach an dèidh a chur, fàsaidh e suas, agus cinnidh e nas mò na luibh sam bith eile, agus fàsaidh geugan mòra air; ionnas gum faod eunlaith an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil.

Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.

Mar sin le cumhachd dh’fhàs agus bhuadhaich facal an Tighearna.

An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

Agus nuair a chuala iadsan seo, thug iad glòir don Tighearna, agus thubhairt iad ris-san, Tha thu a’ faicinn, a bhràthair, cia lìon mìle de na h‑Iùdhaich a tha a’ creidsinn; agus tha iad uile ro‑eudmhor mun lagh.

Gidheadh chreid mòran dhiubh-san a chuala am facal: agus b’e àireamh nan daoine timcheall còig mìle.

Agus is mò a chuireadh creidmhich ris an Tighearna, buidheann mhòr araon de fhir agus de mhnathan:

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan