Anns a’ mhadainn cuir do shìol, agus anns an fheasgar na toir air do làmh sgur; oir chan eil fhios agad cia dhiubh as fheàrr a shoirbhicheas, seo no siud, no am bi iad le chèile cho math.
Ach air seasamh do Pheadar maille ris an aon-fhear-deug, thog e a ghuth, agus thubhairt e riu, Fheara Iudèa, agus sibhse uile a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, biodh fhios seo agaibh, agus èisdibh rim bhriathran-sa:
A‑nis uime sin, èisd, O Israeil, ris na reachdan, agus ris na breitheanais, a tha mise a’ teagasg dhuibh a dhèanamh, a‑chum is gum bi sibh beò, agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann a bheir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh.
Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?
An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.