Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a tha an toradh abaich, air ball cuiridh e an corran ann, a chionn gu bheil am fogharadh air teachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Thig thu ann an làn aois a‑chum na h‑uaighe, mar a chuirear suas cruach arbhair na h‑àm.

Sàthaibh an corran, oir tha am fogharadh abaich; thigibh, gabhaibh sìos, oir tha an t‑amar-fìona làn, tha na dabhachan a’ cur thairis: oir tha an aingidheachd mòr.

Leigibh leo fàs araon gus an tig am fogharadh: agus ann an àm an fhogharaidh their mise ris an luchd-buana, Cruinnichibh air tùs an cogal, agus ceanglaibh e na cheanglachain a‑chum a losgaidh: ach cruinnichibh an cruithneachd dom shabhal.

Oir bheir an talamh a‑mach toradh uaithe fhèin, air tùs am fochann, a‑rìs an dias, an dèidh sin an làn arbhar anns an dèis.

Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh cumhachd os cionn teine, agus ghlaodh e le glaodh àrd ris an Tì aig an robh an corran geur, ag ràdh, Sàth a‑steach do chorran geur, agus cnuasaich bagaidean fìonain na talmhainn: oir tha a fìondhearcan làn-abaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan