Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Is amhail rìoghachd Dhè, mar gun cuireadh duine sìol anns an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Obraichidh an droch dhuine obair mhealltach; ach aigesan a chuireas fìreantachd bidh duais chinnteach.

An tì a bheir an aire don ghaoith, cha chuir e sìol; agus an tì a dh’amhairceas air na neòil, cha bhuain e.

Anns a’ mhadainn cuir do shìol, agus anns an fheasgar na toir air do làmh sgur; oir chan eil fhios agad cia dhiubh as fheàrr a shoirbhicheas, seo no siud, no am bi iad le chèile cho math.

Is beannaichte sibhse a tha a’ cur sìl ri taobh gach uisge, a tha a’ cur a‑mach cas an daimh agus na h‑asail.

Fhreagair esan agus thubhairt e riu, Do bhrìgh gun tugadh dhuibhse eòlas a bhith agaibh air rùn-diamhair rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan chan eil seo air a thabhairt.

Chuir e cosamhlachd eile a‑mach dhaibh, ag ràdh, Is cosmhail rìoghachd nèimh ri duine a chuir sìol math na fhearann:

Agus labhair e mòran de nithean riu ann an cosamhlachdan, ag ràdh, Feuch, chaidh fear-cuir a‑mach a chur sìl.

Chuir e a‑mach cosamhlachd eile dhaibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh cosmhail ri gràinne de shìol mustaird, a ghabh neach agus a chuir e na fhearann.

Cosamhlachd eile labhair e riu: Is cosmhail rìoghachd nèimh ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan.

Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas.

O sin a‑mach thòisich Iosa air searmonachadh, agus air a ràdh, Gabhaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh am fagas.

Oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha: agus ge bè neach aig nach eil bheirear uaithe an nì sin fhèin a tha aige.

Agus gun caidleadh e, agus gun èireadh e a dh’oidhche agus a là, agus gun gineadh an sìol, agus gum fàsadh e suas, air dòigh nach fhios dha.

An sin thubhairt e, Cò ris a tha rìoghachd Dhè cosmhail, agus cò ris a shamhlaicheas mi i?

Ach is e seo an cosamhlachd: Is e an sìol facal Dhè.

Chaidh fear-cuir a‑mach a chur a shìl: agus a’ cur dha, thuit cuid ri taobh an rathaid; agus shaltradh sìos e, agus dh’ith eunlaith an adhair suas e.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs, fanaidh e na aonar: ach ma gheibh e bàs, bheir e toradh mòr uaithe.

Agus tha toradh na fìreantachd air a chur ann an sìth do luchd-dèanamh na sìthe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan