Oir ge bè neach aig a bheil, dhàsan bheirear, agus bidh aige an tuilleadh pailteis: ach ge bè neach aig nach eil, uaithesan bheirear eadhon an nì a tha aige.
Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige.
Gach uile gheug annamsa nach eil a’ giùlan toraidh, bheir e air falbh; agus gach uile gheug a tha a’ tabhairt toraidh, glanaidh e i, a‑chum gun giùlain i tuilleadh toraidh.