Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Thugaibh fa‑near ciod a chluinneas sibh: leis an tomhas a thomhaiseas sibh, tomhaisear dhuibh fhèin; agus bheirear tuilleadh dhuibhse tha ag èisdeachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Sguir, a mhic, a dh’èisdeachd ris an teagasg a chuireas air seachran o bhriathran an eòlais.

Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.

Mar seo deir an Tighearna, Thugaibh aire dhuibh fhèin, agus na giùlainibh uallach air bith air là na sàbaid, agus na tugaibh a‑steach i air geatachan Ierusaleim;

Oir a rèir na breith a bheir sibh, bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.

Agus thàinig neul a chuir sgàil orra, agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa, èisdibh ris.

Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige.

Agus tha caoraich eile agam, nach eil den chrò seo: is èiginn dhomh iad sin mar an ceudna a thoirt a‑steach, agus èisdidh iad rim ghuth; agus bidh aon treud ann, agus aon bhuachaille.

Tha mo chaoraich-sa ag èisdeachd rim ghuth, agus is aithne dhomh iad, agus leanaidh iad mi:

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil an uair a’ teachd, agus gu bheil i a‑nis ann, anns an cluinn na mairbh guth Mac Dhè: agus an dream a chluinneas, bidh iad beò.

Bha iad sin na b’uaisle na muinntir Thesalonìca, oir ghabh iad am facal dan ionnsaigh leis an uile thogradh, a’ rannsachadh nan sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn an robh na nithean sin mar sin.

Ach seo tha mi ag ràdh, An tì a chuireas gu gann, buainidh e gu gann mar an ceudna; agus an tì a chuireas gu pailt, buainidh e gu pailt mar an ceudna.

Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.

Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;

A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan