Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is iad seo iadsan a chuireadh ann an talamh math; an dream a chluinneas am facal, agus a ghabhas e, agus a bheir a‑mach toradh, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread, cuid a thrì-fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

An sin shìol-chuir Isaac anns an tìr sin, agus fhuair e anns a’ bhliadhna sin fhèin a cheud uiread is a chuir e, agus bheannaich an Tighearna e.

Ach an tì ud a ghabh sìol ann an deagh fhearann, is e sin an neach a tha a’ cluinntinn an fhacail, agus ga thoirt fa‑near; neach mar an ceudna a tha a’ giùlan toraidh, agus a tha a’ toirt a‑mach cuid a cheud uiread, cuid a thrì-fichead, agus cuid eile a dheich-ar‑fhichead uiread is a chuireadh.

Ach thuit cuid eile ann am fearann math, agus thug e toradh a‑mach, cuid a cheud uiread, cuid a thrì-fichead, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread is a chuireadh.

Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì-fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.

Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.

Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.

Gach uile gheug annamsa nach eil a’ giùlan toraidh, bheir e air falbh; agus gach uile gheug a tha a’ tabhairt toraidh, glanaidh e i, a‑chum gun giùlain i tuilleadh toraidh.

Air an adhbhar sin, mo bhràithrean, tha sibhse mar an ceudna marbh don lagh tre chorp Chrìosd; ionnas gum biodh sibh pòsda ri fear eile, eadhon ris-san a thogadh o na mairbh, a‑chum gun tugamaid toradh a‑mach do Dhia.

Air ur lìonadh le toradh na fìreantachd, a tha tre Iosa Crìosd a‑chum glòir agus cliù Dhè.

A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;

Os bàrr, matà, a bhràithrean, cuireamaid a dh’impidh agus a dh’athchuing oirbh tre an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh uainne cionnas as còir dhuibh imeachd, agus Dia a thoileachadh, gum meudaicheadh sibh mar sin nas mò agus nas mò.

Oir ma bhios na nithean seo annaibh, agus pailt, bheir iad oirbh gun a bhith leisg, no mì‑thorrach ann an eòlas ar Tighearna, Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan