Agus air èirigh dha as a sin, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs.
Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad-bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.
Agus thubhairt e riu na theagasg, Bithibh air ur faicill o na sgrìobhaichean, leis an ionmhainn imeachd ann an culaidhean fada agus fàilte fhaotainn air na margaidhean;
Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh-san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan: