Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is iad seo iadsan a chuireadh am measg an droighinn, an dream a dh’èisdeas ris an fhacal;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Uime sin, mar seo deir an Tighearna ri fir Iùdah, agus ri Ierusalem, Brisibh suas ur fearann-treabhaidh, agus na cuiribh am measg droighinn.

Esan mar an ceudna a ghabh sìol am measg an droighinn, is e seo an tì a tha a’ cluinntinn an fhacail; agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd beartais, a’ mùchadh an fhacail, agus bidh e gun toradh.

Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim.

Agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo, agus mealltaireachd saoibhreis, agus ana-miannan nithean eile a’ teachd a‑steach, agus a’ tachdadh an fhacail, agus nìthear neo-thorrach e.

Agus thuit cuid eile am measg droighinn, agus dh’fhàs an droigheann suas, agus thachd e e, agus cha tug e toradh uaithe.

Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan