Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Ach their sibhse, Carson a gheur-leanamaid e, agus gun d’fhuaireadh freumh a’ ghnothaich ann?

Agus is beannaichte an tì nach faigh oilbheum annamsa.

Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh gum maithear gach peacadh agus gach toibheum do dhaoine: gidheadh cha mhaithear toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh do dhaoine.

Gidheadh chan eil freumh aige ann fhèin, ach fanaidh e rè tamaill: agus nuair a thig trioblaid, no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball gheibh e oilbheum.

Agus is iad seo iadsan mar an ceudna a chuireadh air fearann creagach; muinntir, nuair a chluinneas iad am facal, a ghabhas e air ball le gàirdeachas:

Agus is iad seo iadsan a chuireadh am measg an droighinn, an dream a dh’èisdeas ris an fhacal;

Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach don tì a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha toirear maitheanas.

An sin thubhairt Iosa ris an h‑Iùdhaich a chreid ann, Ma bhuanaicheas sibh ann am fhacal-sa, bidh sibh da‑rìribh nur deisciobail agam;

A mheud lem miann iad fhèin a thaisbeanadh gu sgiamhach anns an fheòil, tha iad gur n‑èigneachadh gu bhith air ur timcheall-ghearradh; a‑mhàin a‑chum nach dèante geur-leanmhainn orra airson crann-ceusaidh Chrìosd.

Tha fhios seo agad, gun do thill iadsan uile a tha anns an Asia uamsa; dem bheil Phigellus agus Hermogenes.

Oir thrèig Dèmas mi, air dha an saoghal seo a tha an làthair a ghràdhachadh, agus chaidh e do Thesalonìca; Crescens do Ghalàtia, Tìtus do Dhalmàtia.

Aig mo chiad fhreagradh cha robh aon neach leam, ach thrèig na h‑uile mi: nar agrar orra e.

Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?

Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.

Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme-sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan