Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is iad seo iadsan mar an ceudna a chuireadh air fearann creagach; muinntir, nuair a chluinneas iad am facal, a ghabhas e air ball le gàirdeachas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Thuit cuid air ionadan creagach, far nach robh mòran talmhainn aige; agus air ball dh’fhàs e suas, do bhrìgh nach robh doimhneachd talmhainn aige.

Agus is iad seo iadsan ri taobh an rathaid, anns an cuirear am facal; an dèidh dhaibh a chluinntinn, air ball tha Sàtan a’ teachd, agus a’ togail leis an fhacail, a shìol-chuireadh nan cridheachan.

Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur-leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim.

Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.

An dream air a’ charraig, is iad sin iadsan, nuair a dh’èisdeas iad, a ghabhas am facal dan ionnsaigh le gàirdeachas, ach chan eil aca seo freumh, muinntir a chreideas rè tamaill, agus an àm buairidh a tha a’ tuiteam air falbh.

B’esan an lòchran lasrach agus dealrach: agus bha sibhse toileach car tamaill gàirdeachas a dhèanamh na sholas.

An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Is beag nach eil thu gam aomadh gu bhith am Chrìosdaidh.

An sin chreid Sìmon fhèin mar an ceudna: agus nuair a bhaisteadh e, dh’fhan e maille ri Philip, agus a’ faicinn nan comharraidhean agus nam feartan a rinneadh, ghabh e iongantas ro‑mhòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan