Nuair a chluinneas neach air bith facal na rìoghachd, agus nach toir e fa‑near e, thig an droch spiorad, agus bheir e air falbh an nì a chuireadh na chridhe: is e seo esan anns an do chuireadh an sìol ri taobh an rathaid.
Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu.
Agus is iad seo iadsan ri taobh an rathaid, anns an cuirear am facal; an dèidh dhaibh a chluinntinn, air ball tha Sàtan a’ teachd, agus a’ togail leis an fhacail, a shìol-chuireadh nan cridheachan.