Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh-san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan:
Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Is beannaichte thusa, a Shìmoin Bhar-Iona; oir cha d’fhoillsich fuil agus feòil sin dhutsa, ach m’Athair-sa a tha air nèamh.
Agus thubhairt esan, Thugadh dhuibhse eòlas fhaotainn air rùn-diamhair rìoghachd Dhè; ach do chàch ann an cosamhlachdan, ionnas a’ faicinn dhaibh nach faiceadh iad, agus a’ cluinntinn dhaibh nach tuigeadh iad.
Oir cò a tha a’ dèanamh eadar-dhealachaidh ortsa o neach eile? Agus ciod a tha agad nach d’fhuair thu? A‑nis ma fhuair thu e, carson a tha thu a’ dèanamh uaill mar nach faigheadh tu e?
Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.
Is còir dha mar an ceudna deagh theisteas a bhith aige uapasan a tha an leth a‑muigh; air eagal gun tuit e ann an sgainneal, agus ann an ribe an diabhail.
Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.