Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 4:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha e na aonar, dh’fheòraich iadsan a bha mun cuairt dha, maille ris an dà‑fhear-dheug, an cosamhlachd dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.

Agus labhair e mòran de nithean riu ann an cosamhlachdan, ag ràdh, Feuch, chaidh fear-cuir a‑mach a chur sìl.

An sin chuir Iosa am poball air falbh, agus chaidh e a‑steach don taigh: agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Mìnich dhuinne cosamhlachd cogal an fhearainn.

Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh-san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan:

Ach gun chosamhlachd cha do labhair e riu. Agus mhìnich e na h‑uile nithean da dheisciobail fhèin air leth.

Agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh on t‑sluagh, chuir a dheisciobail ceist air mu thimcheall a’ chosamhlachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan