Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh na Pharasaich a‑mach, agus ghabh iad comhairle air ball maille ri luchd-leanmhainn Heroid na aghaidh-san, cionnas a dh’fhaodadh iad a sgrios.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach chaidh na Pharasaich a‑mach, agus chùm iad comhairle na aghaidh, cionnas a dh’fhaodadh iad a mhilleadh.

Agus chuir iad da ionnsaigh an deisciobail fhèin maille ri luchd-leanmhainn Heroid, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìor, agus gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil suim agad de dhuine sam bith: oir chan eil thu ag amharc air pearsa dhaoine.

Agus chuir iad da ionnsaigh dream àraidh de na Pharasaich, agus de luchd-leanmhainn Heroid, a‑chum gun glacadh iad e na chainnt.

Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Thugaibh an aire, bithibh air ur faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach, agus taois ghoirt Heroid.

Agus bha na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean ag iarraidh cionnas a dh’fhaodadh iad esan a chur gu bàs; oir bha eagal an t‑sluaigh orra.

Agus lìonadh iadsan le cuthach; agus labhair iad ri chèile, ciod a dhèanadh iad ri Iosa.

Uime sin on là sin a‑mach, chuir iad an comhairle ri chèile a‑chum esan a chur gu bàs.

A thubhairt le beul Dhaibhidh do sheirbhiseach, Carson a ghabh na Cinnich boil, agus a smaoinich an sluagh nithean dìomhain?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan