Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 3:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Agus b’aithreach leis an Tighearna gun do rinn e an duine air an talamh, agus thug e doilgheas dha na chridhe.

Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a‑nis gnùis an Tighearna do Dhia, agus dèan ùrnaigh air mo shon, a‑chum gun aisigear mo làmh dhomh a‑rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an rìgh dha a‑rìs, agus bha i mar air tùs.

Agus ghabh mi gu ro‑olc e; agus thilg mi uile àirneis taigh Thobiah a‑mach as an t‑seòmar.

Chuireadh campar orm leis a’ ghinealach ud, agus thubhairt mi, Is sluagh seachranach nan cridhe iad, agus chan aithne dhaibh mo shlighean,

An sin thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh: agus shìn e a‑mach i; agus bha i air a h‑aiseag slàn, mar an làmh eile.

Agus thubhairt e riu, A bheil e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid, no olc; anam a thèarnadh, no a sgrios? Ach dh’fhan iadsan nan tosd.

An sin fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, A chealgair, nach fuasgail gach aon agaibh a dhamh no a asal on phrasaich, agus nach toir e gu uisge e air là na sàbaid?

Agus nuair a chunnaic e iad, thubhairt e riu, Imichibh, nochdaibh sibh fhèin do na sagartan. Agus ag imeachd dhaibh, ghlanadh iad.

Agus air dha amharc mun cuairt orra uile, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus rinn e sin: agus dh’aisigeadh a làmh slàn dha mar an làmh eile.

Agus thubhairt e ris, Imich, ionnlaid ann an lochan Shilòaim (is e sin air eadar-theangachadh, Air a chur). Uime sin dh’imich e, agus dh’ionnlaid e, agus thàinig e a’ faicinn.

Oir cha b’àill leam, a bhràithrean, sibhse a bhith aineolach air an rùn-diamhair seo (a‑chum nach biodh sibh glic nur barail fhèin), gun do thàrladh doille ann an cuid do Israel, gus an tig iomlanachd nan Cinneach a‑steach.

Ach dhalladh an inntinnean: oir gus an là‑an‑diugh ann an leughadh an t‑seann tiomnaidh, tha an còmhdach ceudna a’ fantainn gun atharrachadh, nì a chuireadh air cùl ann an Crìosd.

Aig a bheil an tuigse air a dorchachadh, air dhaibh a bhith nan coimhich do bheatha Dhè, a‑thaobh an aineolais a tha annta, tre chruas an cridhe:

Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich:

Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an do chuireadh seula oirbh gu là na saorsa.

Uime sin bha diomb orm ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt mi, Tha iad a‑ghnàth air seachran nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighean-sa.

Ach cò ris a bha diomb air rè dà‑fhichead bliadhna? Nach ann riùsan a pheacaich, muinntir don do thuit an colainnean anns an fhàsach?

Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;

Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fheirg an Uain:

Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil.

Uime sin dh’èirich Ionatan on bhòrd ann am feirg ro‑mhòir, agus cha d’ith e biadh sam bith air an dara là den mhìos: oir bha e fo dhoilgheas airson Dhaibhidh, a chionn gun tug a athair masladh dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan