Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, A bheil e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid, no olc; anam a thèarnadh, no a sgrios? Ach dh’fhan iadsan nan tosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Oir dh’iarr mise tròcair, agus chan e ìobairt, agus eòlas Dhè nas mò na ìobairtean-loisgte.

Agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich anns a’ mheadhon.

Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.

Ach dh’fhan iadsan nan tosd; oir air an t‑slighe bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin cò aca a bu mhò a bhiodh.

An sin thubhairt Iosa riu, Feòraichidh mise aon nì dhibh: A bheil e ceadaichte air làithean na sàbaid math a dhèanamh, no olc, anam a shaoradh, no a sgrios?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan