Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 3:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair e iad, ag ràdh, Cò i mo mhàthair, no mo bhràithrean?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala a chàirdean seo, thàinig iad a‑mach a bhreith air, oir thubhairt iad, Tha e air mhì-chèill.

Agus bha an sluagh nan suidhe ma thimcheall; agus thubhairt iad ris, Feuch, tha do mhàthair agus do bhràithrean a‑muigh gad iarraidh.

Agus sheall e mun cuairt orrasan a bha nan suidhe ma thimcheall, agus thubhairt e, Feuch mo mhàthair agus mo bhràithrean.

Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann.

Agus thubhairt esan riu, Carson a bha sibh gam iarraidh? Nach robh fhios agaibh gum bu chòir dhòmhsa a bhith ann an taigh m’Athar?

Thubhairt Iosa rithe, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a bhean? Cha tàinig m’uair-sa fhathast.

Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò.

A thubhairt ra athair agus ra mhàthair, Chan fhaca mi e; agus cha do ghabh e ra bhràithrean, agus cha d’aithnich e a chlann fhèin: oir choimhead iad d’fhacail, agus ghlèidh iad do choicheangal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan