Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 3:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum maithear na h‑uile pheacaidhean do chloinn nan daoine, agus gach toibheum a labhras iad;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus esan a mhaslaicheas ainm an Tighearna, cuirear gu cinnteach gu bàs e; clachaidh gu deimhinn an co‑chruinneachadh uile e: an coigreach cho math ris-san a rugadh anns an dùthaich, nuair a mhaslaicheas e ainm an Tighearna, cuirear gu bàs e.

Agus, feuch, thubhairt dream àraidh de na sgrìobhaichean annta fhèin, Tha am fear seo a’ labhairt toibheim.

Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach don tì a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha toirear maitheanas.

Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan